EXTRA_HEADERS; include_once "{$config['file_root']}/includes/l10n/header-pages.inc.php"; ?>

Toiseach tòiseachaidh le Firefox

Seo cuid dhen na làraichean is tuilleadain as fhearr leinn agus gliocas no dhà mu Firefox airson toiseach tòiseachaidh. Tha sinn an dòchas gun gabh thu tlachd annta!

Cuid dhe na làraichean as fhearr leinn

OpenOfficeOpenOffice sa Ghàidhlig

Cruthaich sgrìobhainnean teacsa, cliath-dhuilleagan, taisbeanaidhean, tarraingean, stòr-dàtannan is foirmlean leis a' bhathar-bhog seo a tha gu tur saor an-asgaidh.

Wikipedia GàidhligWikipedia Gàidhlig

Leabhar mòr-eòlais na Gàidhlig air an lìon. Faigh fiosrachadh 'nad chànan fhèin. Fiosrachadh gann sa chuspair as fhearr leat-sa? Tiugainn ma-thà, gabh pàirt ann, 's urrainn do dhuine sam bith cur ris.

An Dearbhair

Le stràc no gun stràc? Litreachadh 'gad chur droil? Feuch an Dearbhair, inneal le LTS Scotland a cheartaicheas an litreachadh Gàidhlig agad.

Gliocas Firefox

Litreachadh na Beurla a' cur dragh ort? Feuch ris an dearbhair-litreachaidh am broinn Firefox fhèin.

Feuch ris an tuilleadan seo

An tuilleadan ClipmarksAn tuilleadan Clipmarks

Seach a bhith a' dèanamh comharradh-lìn airson làrach air fad, 's urrainn dhut cliop a thoirt dha leis an inneal seo agus dìreach na pìosan as fhearr leat a shàbhaladh.

Naidheachdan ┐ a’ choimhearsnachd-lìn

BBCBBC Alba

Gheibh thu gach rud eadar telebhisean is rèidio beò, naidheachdan nàiseanta 's eadar-nàiseanta, goireasan ionnsachaidh 's torr a bharrachd an-seo.

Fòram na GàidhligFòram na Gàidhlig

Seo far a bheil coimhearsnachd-lìn na Gàidhlig a' coinneachdadh. Naidheachd agad? Càirdeas is comann a dhìth? No ceist? Gheibh thu freagairt ann.

AkerbeltzAkerbeltz

Tha an làrach seo làn iomadh seòrsa fiosrachaidh, eadar duain thradaiseanta, fiosrachadh air fuaimneachadh is gràmar agus fiosrachadh mun obair a nì Akerbeltz ann an leasachadh bathar-bog na Gàidhlig

Na blogaichean Gàidhlig

Seadh, carson nach biodh blogaichean Gàidhlig ann? Guthan Gàidhlig o cheithir ceàrnan an t-saoghail agus chan eil a dhìth ach do chom-pàirteachas fhèin.

TG4TG4

Súil eile - le telebhisean Gaeilge na h-Èireann. 'Ga chraoladh beò air an lìon cuideachd.

Gliocas Firefox

Dè an t-einnsean-luirg as fhearr leat? Cuir ris a' bhàr-rannsachaidh ann am Firefox e 's gheibh thu greim air sa bhad.

Feuch ris an tuilleadan seo

Answers Add-onAn tuilleadan Answers

Gluais a' chuileag os cionn facail Bheurla sam bith 's briog air gus fiosrachadh fhaighinn air.

Foghlam

Sabhal Mòr OstaigSabhal Mòr Ostaig

Colaiste mhòr na Gàidhlig air an Eilean Sgitheanach far am faigh thu cothroman ionnsachaidh is rannsachaidh aig iomadh ìre 's fiù aig astar.

CLÌ GàidhligCLÌ Gàidhlig

Fiosrachadh is taic airson inbhich a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig le comann an luchd-ionnsachaidh.

Gàidhlig aig StowGàidhlig aig Stow

Ma tha an t-Eilean Sgitheanach ro fhad air falbh dhut, tha cùrsaichean bogaidh aig Colaiste Stow ann an Glaschu cuideachd.

Comann nam Pàrant

O ghlùin gu glùin - tadhail air làrach Comann nam Pàrant mas e fiosrachadh 's taic le foghlam Gàidhlig no Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a tha a dhìth ort.

Gliocas Firefox

Cleachd manaidsear nan tuilleadan gus Firefox a ghnàthachadh o bhun gu barr gus an dèan e dìreach na tha a dhìth ort.

Feuch ris an tuilleadan seo

An tuilleadan CoolirisAn tuilleadan Cooliris

Bidh gleus ri do làimh leis an tuilleadan seo gus coimhead air dealbhan sa bhrabhsair agad air loidhne 's air làn-sgrìn.

Briathrachas

Am Faclair BeagAm Faclair Beag

Facal a dhìth ort? Feuch ris an Fhaclair Bheag anns a bheil an dà chuid am faclair mòr aig Eideard Dwelly 's briathreachas na 20mh linn taobh ri taobh 's ri do làimh àite sam bith.

An Stòr-dàta BriathrachaisAn Stòr-dàta Briathrachais

An Stòr-dàta - briathrachas na 20mh linn agus torr a bharrachd aig an t-Sabhal Mhòr.

Faclair na Pàrlamaid

Faclair far am faigh thu iomadh facal a tha co-cheangailte ri obair na Pàrlamaid, an Riaghaltais 's nan comhairlean.

FocailFocail

Nach buidhe dhut leis na faclairean eile no ainm-àite no sloinneadh Gàidhlig na h-Èireann a dhìth ort? Feuch faclair mòr na Gaeilge air an lìon.

Gliocas Firefox

Cum suas ri naidheachdan do charaidean leis na h-inbhirean-naidheachd air na làraichean-lìn aca.

Feuch ris an tuilleadan seo

An tuilleadan ShareaholicAn tuilleadan Shareaholic

An tuilleadan gun a leithid airson mac is nighean nan ceangal!

Barrachd mu Firefox

Gliocasan ┐ Gleusan | Cobhair

Barrachd mu Mozilla

Dè tha ann am Mozilla? | Gabh pàirt ann | Bùth Mozilla

EXTRA_FOOTERS; include_once "{$config['file_root']}/includes/l10n/footer-pages.inc.php"; ?>